Jump to content

Wittenberg

O Uicipeid
Lutherstadt Wittenberg
Wittenberg
Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich a' Ghearmailt
Ceàrn Sagsainn-Anhalt
Sgìre Wittenberg
Co-chomharran 51° 52′ Tuath
12° 39′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 128.93 km²
Àireamh-shluaigh 46,384 (2006)
Dlùths 359.76/km²
Àireamh fòn 03491
Duilleag oifigeil www.wittenberg.de

Is e baile beag Gearmailteach a tha ann an Lutherstadt Wittenberg. Tha e na laighe ann an earra-dheas Sagsainn-Anhalt ri taobh na h-aibhne Elbe. Tha mu 46.000 daoine a' fuireach an seo [1]. Tha an dàrna phàirt den Oilthigh Halle-Wittenberg an-seo cuideachd.

Tha Wittenberg cliùiteach o chionn’s gur e seo an t-àite far an do thòisich an t-Ath-Leasachadh. Tha Eaglais a' Bhaile, Eaglais a’ Chaisteal, taigh Màrtainn Lùtair agus taigh Mhelanchthon ann, a tha air an dìon mar dualchas na cruinne leis an UNESCO[2] (còmhla ri Lutherstadt Eisleben). Mar sin is e Lutherstadt Wittenberg (Baile-Lùtair Wittenberg) an t-ainm oifigeil a tha air Witttenberg.

Eaglais a’ Bhaile

[deasaich | deasaich an tùs]
Eaglais a’ bhaile

Thòiseachadh air Eaglais a' Bhaile Wittenberg [3] ( Stadtkirche Wittenberg sa Ghearmailtis) a thogail ann an 1187. Thogadh an t-àite, far a bheil an altair, ann an 1280, agus eadar 1412 agus 1439 chaidh na stìopallan agus an corp-eaglais mòr a thogail, mar a tha iad rim faicinn an-diugh. Eadar 1522 agus 1811 chuireadh togalachan eile ri taobh na h-eaglaise. Ann an 1928 agus 1980-1983 chaidh nuadhachadh na h-eaglaise.


Bha Màrtainn Lùtair a’ toirt na searmonan aige seachad ann an Eaglais a’ Bhaile Wittenberg. An seo bha an aifreann ri cluinntinn anns a’ Ghearmailtis airson a chiad turas agus fhuair na luchd-creidheamh Suipeir an Tighearna ann an dà doigh, àran agus fion. Tha dealbh miorbheallach ann a rinn Lucas Cranach as sine: “Suipeir an tighearna“.

Eaglais a' Chaisteil

[deasaich | deasaich an tùs]

Canar gur e Eaglais a’ Chaisteil Wittenberg [4][5] (Schlosskirche Wittenberg sa Ghearmailtis) an t-àite far an do chuir Màrtainn Lùtair na 95 argamaid aige ris an doras ann an 1517.

Ann an 1490 chaidh lùchairt ùr a thogail airson a’ bhaile Wittenberg a dhìon. Ri taobh na lùchairt thogadh eaglais ùr (1496-1506). Bha na luchd-ealainn Albrecht Dürer, Jacopo de'Barbari agus Till Riemenschneider a’ toirt cuideachadh dhaibh. Ach ann an cogadh seachd bliadhnaichean (Seven Year’s War sa Bheurla) chaidh an eaglais a losgadh le teinne (1760). Bha tòrr pìosan ealainn agus fuidheall air chaill, ri measg an doras fiogha. Bha an eaglais sgrioste a-rithist ann na Cogaidhean na Saorsa (1814). Bhon uair sin bha saighdearan a’ fuireach an-seo. Eadar 1883 agus 1892 chaidh ath-nuadhachadh na h-eaglaise anns an stòidhle tùsail. Tha doras à umha ann leis na argamaidean Lùtair ann an Laideann, giobht bhon rìgh Pruiseach Frederick William IV. Am broinn na h-eaglaise tha uaighean Màrtainn Lùtair, Melanchthon agus Frederick III (Frederick the Wise) ann.

Taigh Mhelanchthon

[deasaich | deasaich an tùs]

Is e taigh Mhelanchthon (Melanchthonhaus 'sa Ghearmailtis) aon de na taighean as brèagha à Linn an Ath-bheòthachaidh anns a’ Ghearmailt. Fhuair Melanchthon e mar gibht bho Frederick III ann an 1536. Bha e a’ fuireach an-seo leis an teaghlach aige. Bha e na àrd-ollamh anns an Oilthigh Wittenberg, ach anns an taigh sgrìobh e co-ionad a’ Chreideamh Pròsdanach. Anns an dàrna làr chìthear dealbhan tùsail air a’ bhalla, a rinn na h-oileanaich a bha a’ fuireach an-seo.

Ann an 1810 thòisicheadh taisbeanadh beag mu bheatha Mhelanchthon ann an trì seòmraichean. Bho 1954 is e taigh-tasgaidh a tha ann am Melanchthonhaus. An-diugh tha e dìonta cuideachd mar dualchas na cruinne leis an UNESCO.

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Baile Wittenberg http://www.wittenberg.de
  2. UNESCO http://whc.unesco.org/en/list/783
  3. Eaglais a' Bhaile Wittenberg http://www.stadtkirchengemeinde-wittenberg.de
  4. Eaglais a' Chaisteil Wittenberg https://web.archive.org/web/20130812101911/http://www.schlosskirche-wittenberg.de/
  5. Eaglais a' Chaisteil Wittenberg https://web.archive.org/web/20071024091553/http://unterkunft.wittenberg.de/en/seiten/schlossk/sk01.html anns a' Bheurla
  6. Stadt Bretten
  7. Stadt Göttingen

Ceanglaichean a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]