Sitges
Sitges
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Catalòinia An Spàinn | ||||
Ceàrn | Garraf | ||||
Sgìre | Barcelona | ||||
Co-chomharran | 41° 12′ 02″ Tuath 01° 48′ 15″ Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 43.8 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 28,269 (2014) | ||||
Dlùths | 645.41/km² | ||||
Àireamh fòn | 93 | ||||
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
'S e baile agus port ann an Catalòinia (An Spàinn) a th' ann an Sitges (IPA: sidʒəs). Tha e suidhichte aig 10m os cionn ìre na mara, anns an sgìre Garraf (Roinn Bharcelona). Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1041. 'S e catalanais a tha ga bruidhinn an seo. Ged a bha tòrr ghnìomhachas ann ro Chogadh Sìobhalta na Spàinne 's e turasachd-tràighe a tha a' cumail eaconomaidh a' bhaile a' dol an latha an-diugh, gu seachd-àraidh turasachd-ghèidh.[1] Tha 28,269 duine a' fuireach ann.[2]
Freumahn an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann à saidhleo ann an catalanais (sitja) a tha ainm a' bhaile air sgàth 's gu robh malairt gu math làidir an seo o chionn fhada.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Ged a bha daoine a' fuireach ann fad mìltean de bhliadhna ro làimh, b' ann ann an 1041, nuair a thogadh caisteal san àite far a bheil talla a' bhaile an latha an-diugh, a thoisich eachdraidh sgrìobhte Sitges. Fad na meadhan aoisean dheàdhadh am baile bho uachdaran gu uachdaran, a rèir cò bha a bu chumhachdaile. Ann an 1778 thug lagh ùr piseach air malairt an seo, nuair a cheadaich malairt le Aimearaga. B' ann à Sitges a bha 27% nan Catalanach a bha an lùib mhalairt thar a' Chuain Shiar na Bacardì agus na Brugal nam measg.[3] Thàinig an rèile - agus turasachd - ann an 1881. Chaidh Còrdadh[4] a dheànamh an seo ann an 1957 eadar Alberto Lleras Camargo (Pàrtaidh Libearalach Choloimbia) agus Laureano Gómez Castro (Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia) a chuir crìoch air an ainneart a sgiùrsadh Coloimbia.