Seelbach (Schutter)
Coltas
Seelbach
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Ortenaukreis | ||||
Sgìre | Baden-Württemberg | ||||
Co-chomharran | 48° 19' 00' Tuath 07° 56' 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 29.90 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 4,928 (2013) | ||||
Dlùths | 164.82/km² | ||||
Àireamh fòn | +49 (0)7823 | ||||
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
‘S e baile beag faisg air Baden-Baden agus na crìochan leis an Fhraing, air an àirde an iar-dheas na Gearmailte a th’ ann an Seelbach. Tha e suidhichte aig 286m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Schutter, gu tuath na Coille Dhubh (Gearmailtis: Schwarzwald), anns an sgìre Hohengeroldseck, am broinne na stàite Baden-Württemberg. Tha am baile 104km air falbh bho Stuttgart, 291km bho Köln, 199km bho Frankfurt agus 602km bho Bherlin.[1] Tha 4,928 duine a' fuireach ann.[2]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]B' e prìomh-bhaile na Prionnsalachd Leyen a bh' ann bho 1806 gu ruige 1813.[3]