Johannes Stark
B' e fiosaigiche às a' Ghearmailt a bha ann an Johannes Stark (IPA: joˈhanəs ʃtaʁk, Freihung, 15 an Giblean 1874 - Traunstein 21 an t-Ògmhios 1957). Tha e ainmeil airson a thaisgealadh na bhuaidh Stark, far a bheil raon eileagtraig a' toirt buaidh air speactram, agus an taic aige do Nàsaich.
Beatha
[deasaich | deasaich an tùs]Rugadh e ann am Freihung ann am Bayern agus bha e na oileanach ann an Oilthigh Mhünchen, far an do sgrìobh e an tràchdas aige, "Rannsachadh mu feartan fiosaigeach, air leth radharcach, sùith" fo Eugen von Lommel.[1]
Chaidh e na òraidiche aig an Oilthigh Ghöttingen ann an 1900, na ollamh ann an Hànobhar ann an 1906 mar sin Aachen ann an 1909, Greifswald ann an 1917 agus Würzburg ann an 1920. Chaidh e na cheann-suidhe na Institiud Fiosaigeach-Teicnigeach Impireil ann an 1933.
B' e Nàsach daingeann a bha ann. Sgrìobh e leabhraichean a' toirt taic don Nàsaich agus còmhla ri Philipp Lenard sàraich e Werner Heisenberg agus dh'ainmich iad dàimheachd "Fiosaigs Iùdhach".[2] Chuir e à dreuchd anti-Nàsaich mar Mhax von Laue agus Iùdhaich nuair a dh'obair e aig an Institiud Fiosaigeach-Teicnigeach Impireil.
An dèidh don cogadh chaidh binn-prìosain de 4 bliadhna air airson eucoir cogaidh. Ghabh Werner Heisenberg, Max von Laue agus Arnold Sommerfeld fianais an aghaidh Stark.
Urraman
[deasaich | deasaich an tùs]Bhuannaich e an Duais Nobel ann am Fiosaigs ann an 1919.[3]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ https://web.archive.org/web/20171109232843/https://opacplus.bsb-muenchen.de/metaopac/search?oclcno=162968418
- ↑ “Johannes Stark”, Physics Today. 15mh dhen Ghiblean 2015. Air a thogail 3s dhen Lùnasdal 2021.
- ↑ http://www.nobelprize.org/nobel_prizes/physics/laureates/1919/stark-facts.html