Càrn Rìoghain
Càrn Rìoghain | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Bhaile na h-Ùige |
Parraist | Innis[1] |
Co-chomharran | 54° 58′ Tuath 05° 01′ Iar |
Comharradh-clèithe | NX063686 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 102 (2011) |
Àireamh fòn | 01988 |
Còd-puist | DG9[2] |
‘S e baile beag dùthchasail agus port gu math cudromach[3] faisg air An t-Sròn Reamhar, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Machair an Sgithich[4] neo Càrn Rìoghain[5] (Beurla/Beurla Ghallta: Cairnryan). Tha e suidhichte eadar ìre na mara fhèin shìos aig a' chidhe agus 34m os cionn ìre na mara shuas air a' bheinn,[6] ri taobh Loch Rìoghain, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975). Tha e 303 km air falbh bho Obar Dheathain, 110 km bho Ghlaschu, 91 km bho Dhùn Phrìs agus 159 km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[7] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh anns An t-Sròin Reamhair. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd, gu h-àraidh na bàtaichean. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol dhan bun-sgoil[8] agus dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhair.[9]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh baile a chlàradh faisg air Loch Rìoghain le Ptolemy, ris an canadh Rerigonium, a tha a' ciallachadh Àite an Righ. Thathar dhen bheachd gur e An t-Sròn Reamhar neo Càrn Rìoghain a bh' ann.[10]
Poileataigs
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Chàrn Rìoghain fhèin a bhuineas Càrn Rìoghain, a ghabhas a-steach an sgìre mu timcheall a' bhaile. Tha dìreach 315 duine a' fuireach san sgìre.[11] Tha seachdnar comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann Talla a' Bhaile. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 02 (Wigtown an Iar) airson Comhairle na Roinne.[12]
Còmhdhail
[deasaich | deasaich an tùs]Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha trì seirbheisean bhus a' frithealadh a' bhaile:
- 350 An t-Sròn Reamhar - Stèisean Rèile - Càrn Rìoghain.
- 58/358/60/360/X77 An t-Sròn Reamhar - Inbhir Gharbhain - Inbhir Àir - Glaschu.
- 923 Beul Feirste - An t-Sròn Reamhar - Glaschu/Dùn Èideann.[13]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Arcgis
- ↑ Post Code Maps
- ↑ Port na Sròine Reamhaire
- ↑ “Stòr-dàta Briathrachais”. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 14mh dhen Ghearran 2017.
- ↑ “Cairnryan/Càrn Rìoghain”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 14mh dhen Ghearran 2017.
- ↑ Falling rain
- ↑ Distance from - to
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ Stranraer Academy
- ↑ Roman Britain
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ “Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
- ↑ Còmhdhail na Comhairle
Achadh na Meilge • Àrd Bhaile • Baile Gheàrr Lios • Baile na h-Ùige • Baile Ùr Ghlinn Lus • Baile Ùr nan Stiùbhartach • Barrachan • Blaidneach • Càrn Rìoghain • Cille Chainneir • Cill Choluim • Cill Chomhghain • Cill na Tràghad • Clachan Ghlinn Lus • Damnaglaur • An Druim Mòr • Dùn Reichit • Eaglais Steafain • An Eilreig • Ervie • A' Ghlac • Na Lochain • Lios Uillt • Am Magh Crom • Am Monadh Rèidh • Port Neasaig • Port Phàdraig • Port Rosnait • Poll an Iùbhair • Sandhead • Soirbidh • An t-Sròn Reamhar • Whauphill • Whithorn