Cobhair:Briathrachas
Coltas
Clàr bhriathrachais.
Gàidhlig | Mìneachadh | Beurla | Notaichean |
---|---|---|---|
Cleachdaiche fir. iol. cleachdaichean, luchd-cleachdaidh |
Gach duine aig a bheil cunntas air Uicipeid. Tha duilleag a' chleachdaiche aig gach duine far an cuir iad fiosrachadh mun deidhinn fhèin. | User | Faic 'uicipeidiche' cuideachd.
Faic Deasbaireachd a’ chleachdaiche |
Deasbaireachd
boir. |
Seo an t-àite far am b' urrainnear bruidhinn mu susbaint na duilleige (am bogsa dearg). Tha duilleag deasbaireachd cuideachd aig gach cleachdaiche. Aig bàrr na duilleige, tha ceangal dhan duilleag deasbaireachd agad daonnan ann ma tha cunntas agad (am bogsa orains). | Talk page | Fàg teachdaireachdan air duilleag deasbaireachd a' cleachdaiche, chan ann air duilleag a' chleachdaiche fhèin |
Raon-cluiche
fir. iol. raointean-cluiche |
Seo an t-àite far am faod thu an Uici fheuchainn no bhith ri cluiche fhad's a tha thu ag ionnsachadh no a' sgrìobhadh rudeigin ùr. Chan eil na sgrìobhas tu an seo a' nochdachadh mar dhuilleag Uicipeid ceart. Ach - bidh e fhathast 'beò' air an eadar-lìon. | Sandbox | |
An clàr-faire
fir. |
Liosta de na duilleagan anns a bheil ùidh agad. | Watchlist | Ma chuireas tu duilleag air a’ chlàr-faire agad, gheibh thu fios nuair a thèid a h-atharrachadh. |
Tùs | ‘S e an tùs an t-àite (leabhar, làrach-lìn, msaa) às an tàinig fiosrachadh. | Source | Feumar tùsan earbsach a chleachdadh air Uicipeid. |
Bun | ‘S e bun aiste bheag anns nach eil mòran fiosrachaidh fhathast. | Stub |