Ivano-Frankivska Oblast
Ivano-Frankivska Oblast Івано-Франківська область
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Prìomh-bhaile | Ivano-Frankivsk | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 13,900 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 1,361,109 (2021) | ||||
Dlùths | 97.92/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 34 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e tè dhe na 24 roinnean anns an An Ucràin a th'ann an Ivano-Frankivska Oblast (Ucràinis: Івано-Франківська область, ainm neo-fhoirmeil: (Prykarpattia/Ivano-Frankivshchyna). 'S e Ivano-Frankivsk fhèin 's a th' ann prìomh-bhaile na roinne.[1] Tha i suidhichte air an àirde an iar na dùthcha, faisg air na crìochan le Romàinia. Tha 1,361,109 duine a' fuireach ann.
Eachdraidh
deasaichBhuinneadh talamh na h-Oblast agus àitean eile mu timcheall air - ris an canadh Prykarpattia - dhan Rus Kyiveach agus an uair sin dha na stàiean a thàinig às a dhèidh, Co-fhlaitheas na Pòlainn - Liotuàinia agus Rìoghachd na Pòlainn. Às deidh sgaradh na Pòlainn ann an 1772, thuit i fo sgàile na monarcachd Habsburg agus Ostair-Ungaire.[2] Mar thoradh air A' Chogadh Mhòr, thuit An Ostair-Ungaire às a chèile, agus bha connspaid ann eadar A' Phòlainn agus Sluagh-phoblachd na h-Ucràine an Iar nach robh fada beò. Às deidh a' Chogaidh Pòlach-Sobhietach, dh' fhan i sa Phòlainn. Ann an 1939 chaidh A' Phòlainn a sgaradh eadar a' Ghearmailt Nàsach agus An t-Aonadh Sobhiatach, a cruthachadh Stanislavska Oblast, ach chaidh an t-ainm atharrachadh ann an 1962 mar urram don sgrìobhadair Ivan Franko. Bhòt 98.42% nan daoine ann an Ivano-Frankivska Oblast airson neo-eisimeileachd na h-Ucràine san reifreann nàiseanta ann an 1991.[3]
Daoine Ainmeil
deasaich- Franciszek Smolka (1810 - 1899): Neach-poileataigs.
- Mariyka Pidhiryanka (1881 - 1963). Bàrd agus Sgrìobhadair.
- Menachem Avidom (1908 - 1995). Ceòl-sgrìobhaiche.
- Ana Casares (1930 - 2007). Actair.
- Natalie Papazoglu (1983): Neach-ciùil.
- Oleh Psiuk (1994): Neach-ciùil.[4]
Bailtean ann an Ivano-Frankivska Oblast
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Ukrexport
- ↑ Bideleux, Robert; Jeffries, Ian (1998). A History of Eastern Europe: Crisis and Change. Routledge.
- ↑ Soviet History
- ↑ The Telegraph